4/30/2018

Criomag cànain 49: Òrdugh nam faclan: chì mi Diluain thu

nach cuir thu sìos e?
sheinn thu ro luath e
fàgaidh mi a-staigh thu
chunnaic mi an-dè i
thoir dhomh e

thogadh an-uiridh e
rugadh a-raoir iad

Bidh cuspair dìreach a bhios na riochdair pearsanta (m.e. e) a’ leantainn abairt ghoirid, m.e. co-ghnìomhair (sìos) no roimhear riochdaireil (dhomh).

4/25/2018

Criomag cànain 48

an cois ‘le, còmhla ri’

gheibh thu faidhle ...
... an cois seo
... an cois na teachdaireachd seo

bha cù na chois
a bheil airgead an cois na litreach?

(’S e roimhear a th’ ann an cois, .i. feumar an cois + rudeigin a ràdh: an cois an duine/na chois.)

Criomag cànain: pìosan beaga fiosrachaidh mu litreachadh no mu ghràmar na Gàidhlig.

4/24/2018

Criomag cànain 47

Èirich!
Èiridh mi ann am mionaid.

Èirich! Tha thìd agad èirigh!
Tha mi ag èirigh.

4/23/2018

Criomag cànain 46


A bheil Seonag a-staigh?
Tha, thig a-steach!

(Canaidh corra dhualchainnt, ... thig a-staigh!)


4/19/2018

Criomag cànain 45

Am bi thu anmoch a-nochd? Cha chreid mi nach bi.   ‘Saoilidh mi gum bi; tha mi an dùil gum bi.’
An dèan seo an gnothach? Cha chreid mi nach dèan.

Cha chreid mi nach tèid mi dhan leabaidh nis.
Cha chreid mi nach eil a thìde againn falbh.

4/18/2018

Criomag cànain 44

tha e furasta a dhèanamh
tha i duilich a chreidsinn
tha iad doirbh a làimhseachadh
tha sinn furasta a shàsachadh

a bheil e furasta sin a dhèanamh?
chan eil e iomchaidh daoine a mhealladh

tha e doirbh dèiligeadh riutha
chan eil e furasta bruidhinn rithe

4/17/2018

Criomag cànain 43

chì mi thu, nuair a bhios tu deiseil
ithidh sinn, nuair a bhios an t-acras oirnn
thig air chèilidh, nuair a thogras tu!
na bi a’ bruidhinn, fhad ’s a bhios tu ag ithe!
dèan air do shocair, nuair a sguireas tu!
fhad ’s a bhios tu a’ dèanamh sin, bu chòir dhut toirt an aire ort fhèin